Wittenberg
Lutherstadt Wittenberg Wittenberg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | a' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Sagsainn-Anhalt | ||||
Sgìre | Wittenberg | ||||
Co-chomharran | 51° 52′ Tuath 12° 39′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 128.93 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 46,384 (2006) | ||||
Dlùths | 359.76/km² | ||||
Àireamh fòn | 03491 | ||||
Duilleag oifigeil | www.wittenberg.de |
Is e baile beag Gearmailteach a tha ann an Lutherstadt Wittenberg. Tha e na laighe ann an earra-dheas Sagsainn-Anhalt ri taobh na h-aibhne Elbe. Tha mu 46.000 daoine a' fuireach an seo [1]. Tha an dàrna phàirt den Oilthigh Halle-Wittenberg an-seo cuideachd.
Tha Wittenberg cliùiteach o chionn’s gur e seo an t-àite far an do thòisich an t-Ath-Leasachadh. Tha Eaglais a' Bhaile, Eaglais a’ Chaisteal, taigh Màrtainn Lùtair agus taigh Mhelanchthon ann, a tha air an dìon mar dualchas na cruinne leis an UNESCO[2] (còmhla ri Lutherstadt Eisleben). Mar sin is e Lutherstadt Wittenberg (Baile-Lùtair Wittenberg) an t-ainm oifigeil a tha air Witttenberg.
Eaglais a’ Bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Thòiseachadh air Eaglais a' Bhaile Wittenberg [3] ( Stadtkirche Wittenberg sa Ghearmailtis) a thogail ann an 1187. Thogadh an t-àite, far a bheil an altair, ann an 1280, agus eadar 1412 agus 1439 chaidh na stìopallan agus an corp-eaglais mòr a thogail, mar a tha iad rim faicinn an-diugh. Eadar 1522 agus 1811 chuireadh togalachan eile ri taobh na h-eaglaise. Ann an 1928 agus 1980-1983 chaidh nuadhachadh na h-eaglaise.
Bha Màrtainn Lùtair a’ toirt na searmonan aige seachad ann an Eaglais a’ Bhaile Wittenberg. An seo bha an aifreann ri cluinntinn anns a’ Ghearmailtis airson a chiad turas agus fhuair na luchd-creidheamh Suipeir an Tighearna ann an dà doigh, àran agus fion. Tha dealbh miorbheallach ann a rinn Lucas Cranach as sine: “Suipeir an tighearna“.
Eaglais a' Chaisteil
[deasaich | deasaich an tùs]Canar gur e Eaglais a’ Chaisteil Wittenberg [4][5] (Schlosskirche Wittenberg sa Ghearmailtis) an t-àite far an do chuir Màrtainn Lùtair na 95 argamaid aige ris an doras ann an 1517.
Ann an 1490 chaidh lùchairt ùr a thogail airson a’ bhaile Wittenberg a dhìon. Ri taobh na lùchairt thogadh eaglais ùr (1496-1506). Bha na luchd-ealainn Albrecht Dürer, Jacopo de'Barbari agus Till Riemenschneider a’ toirt cuideachadh dhaibh. Ach ann an cogadh seachd bliadhnaichean (Seven Year’s War sa Bheurla) chaidh an eaglais a losgadh le teinne (1760). Bha tòrr pìosan ealainn agus fuidheall air chaill, ri measg an doras fiogha. Bha an eaglais sgrioste a-rithist ann na Cogaidhean na Saorsa (1814). Bhon uair sin bha saighdearan a’ fuireach an-seo. Eadar 1883 agus 1892 chaidh ath-nuadhachadh na h-eaglaise anns an stòidhle tùsail. Tha doras à umha ann leis na argamaidean Lùtair ann an Laideann, giobht bhon rìgh Pruiseach Frederick William IV. Am broinn na h-eaglaise tha uaighean Màrtainn Lùtair, Melanchthon agus Frederick III (Frederick the Wise) ann.
Taigh Mhelanchthon
[deasaich | deasaich an tùs]Is e taigh Mhelanchthon (Melanchthonhaus 'sa Ghearmailtis) aon de na taighean as brèagha à Linn an Ath-bheòthachaidh anns a’ Ghearmailt. Fhuair Melanchthon e mar gibht bho Frederick III ann an 1536. Bha e a’ fuireach an-seo leis an teaghlach aige. Bha e na àrd-ollamh anns an Oilthigh Wittenberg, ach anns an taigh sgrìobh e co-ionad a’ Chreideamh Pròsdanach. Anns an dàrna làr chìthear dealbhan tùsail air a’ bhalla, a rinn na h-oileanaich a bha a’ fuireach an-seo.
Ann an 1810 thòisicheadh taisbeanadh beag mu bheatha Mhelanchthon ann an trì seòmraichean. Bho 1954 is e taigh-tasgaidh a tha ann am Melanchthonhaus. An-diugh tha e dìonta cuideachd mar dualchas na cruinne leis an UNESCO.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Eaglais a' Chaisteil Wittenberg
-
Doras na h-eaglaise, far an do chuir Lùtair na 95 argamaid
-
Eaglais a' Chaisteil Wittenberg
-
Am broinn na h-eaglaise
-
Doras na h-eaglaise, far an do chuir Lùtair na 95 argamaid
-
Seòmar Mhelanchthon
-
Taigh Mhelanchthon ann am Wittenberg
-
Wittenberg, talla a’ bhaile
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Baile Wittenberg http://www.wittenberg.de
- ↑ UNESCO http://whc.unesco.org/en/list/783
- ↑ Eaglais a' Bhaile Wittenberg http://www.stadtkirchengemeinde-wittenberg.de
- ↑ Eaglais a' Chaisteil Wittenberg https://web.archive.org/web/20130812101911/http://www.schlosskirche-wittenberg.de/
- ↑ Eaglais a' Chaisteil Wittenberg https://web.archive.org/web/20071024091553/http://unterkunft.wittenberg.de/en/seiten/schlossk/sk01.html anns a' Bheurla
- ↑ Stadt Bretten
- ↑ Stadt Göttingen
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]- www.Wittenberg.de Duilleag oifigeil Wittenberg
- Martin Luther.de Àiteachan a tha ceangailte ri Màrtainn Lùthair ann an Sagsainn-Anhalt
- www.webinfo.de Duilleag mu chultair agus Turasachd Wittenberg
- „Schätze der Welt“ Tha filmichean beaga (15min) mun chuid as motha dhen dhualchas na cruinne UNESCO rim faicinn mar RealPlayer-bhidio
- www.sacred-destinations Wittenberg Photo Gallery