Alasdair Camshron (North Argyll)
Alasdair Camshron (North Argyll) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Suaineart, dhen Ògmhios 1896 |
Bàs | An t-Òban, 1973 |
Dreuchd | |
Dreuchd | eachdraiche ionadail |
B'e Alasdair Camshron (Beurla: Alastair 'Sandy' Cameron) beul-aithrisiche, eachdraiche ionadail, agus ùghdar air cuspairean Gaidhleach.
Rugadh e an 1896 ann am Bun Allt Eachain[1] eadar Sròn an t-Sìthein agus Àth Tharracail, ann an Suaineart, is chaidh e don sgoil anns An t-Sàilean.
Ged nach robh mòran foghluim foirmeil aige, agus esan a' dèanamh obair-ghlèidhidh rathaid do Chomhairle Earra-ghaidheal, bha ùidh mhòr aige agus bha e gu math eòlach air a h-uile cuspair a bha a buntainn ris an tìr dùthchasach aige — Muideart, Suaineart, Àird nam Murchan, agus A' Mhorbhairne.
Troimh na bliadhnachan, sgrìobh e mòran aistean agus litreachan anns The Oban Times, le far-ainm North Argyll. A bharrachd air sin, sgrìobh e aistean anns The Gael (iris A'Chomuinn Ghàidhealaich), Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Gairm, agus The Scots Magazine.
'S e seanchaidh Chlann Camshron[2] a bh' ann, bha am bàrdachd Gàidhlig aige air a chlo-bhualadh leis an School of Scottish Studies, agus sgrìobh e caibideal anns an Third Statistical Account of Scotland (air Sròn an t-Sìthein) [2].
Cuideachd, sgrìobh e còig leabhraichean:
- St Finan's Isle, Eilean Fhianain - its Story, 1948
- The Floating Church of Strontian, 1953
- Loch Sunartside Memories, From Kilchoan to Salen with Some Reminiscences, 1955
- Annals and Recollections of Sunart, 1961
- Our Greatest Highland Drover, John Cameron, "Corrychoillie", 1961
Chaidh na coilionaidhean uile seo aithneachadh le ballrachd onarach anns an Society of Antiquaries of Scotland, agus ceum onarach Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1969.
Shiubhal e san Oban ann an 1973, agus chaidh a thiodhlacadh ann an Sròn an t-Sìthein.