Roinnean na Spàinne
'S e na pàirtean dhen Spàinne anns an robh an Spàinn air a roinn airson stadastaireachd agus rianachd a tha na roinnean na Spàinne (Spàinntis: provincias de España).
Chaidh sgrìobhainn fhoillseachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha an Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. Chruthaich esan stàit mheadhanaichte,[1] air a roinneadh ann an 49 roinnean agus 15 mòr-roinnean. Dh'ainmich 45 dhuibh an dèidh nam prìomh-bhailtean (ach Nafarroa (Pamplona), Araba (Gasteiz), Gipuzkoa (Donostia) agus Bizkaia (Bilbao).[2] Chaidh siostam ùr a chur an gnìomh ann an 1978, a chruthaich Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh: tha seachd dhuibh aon-roinneil: Asturias, Na h-Eileanan Balèarach, Cantàbria, La Rioja, Madrid, Murcia agus Nafarroa. Chan eil comhairlean roinneil (Catalanais: diputacions provincials) aca. Seo liosta Roinnean na Spàinne bho fhigearan na Riaghaltais[3]